Luth-chleasachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Adhartas dha luth-chleasachd nan Eilean Siar

13 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chruinnich lùth-chleasaichean òga nan Eilean Siar airson an turais mu dheireadh den t-seasan an Steòrnabhagh air an deireadh-sheachdain.

Bha còrr 's 100 a' farpais air an là fhèin, 's tha grunn dhiubh air cothrom fhaighinn am-bliadhna a dhol gu Tìr Mòr le Sgioba Thaghte nan Eilean - a tha gabhail a-steach farpaisaich à Arcaibh 's Sealtainn cuideachd.

Tha sin air cothrom a thoirt dhaibh farpais aig ìre nas àirde.

Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.