Dàimh gus am Mòd fhosgladh

  • Air fhoillseachadh
DannsaireanTùs an deilbh, Wire Media

'S iad Dàimh am prìomh chòmhlan a chluicheas aig consairt fosglaidh a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh an ath-mhìos.

Bidh an còmhlan ionadail Mischa Macpherson Trio air an àrd-ùrlar cuideachd air a' chiad oidhche, agus tachartas a' gabhail a' bhaile thairis gus an fhèis a thòiseachadh.

Thèid caismeachd a chumail tron bhaile, eadar meadhan a' bhaile agus Ionad Spòrs Leòdhais, far an tèid a' chuirm fhosglaidh a chumail.

'S e seo a' chiad turas a bha am Mòd sna h-Eileanan Siar bho 2011.

"Thug na h-Eileanan Siar fàilte bhlàth don Mhòd riamh, agus tha sinn air ar dòigh a bhith a' tilleadh ann an dèidh còig bliadhna," thuirt Iain Moireasdan, Àrd-Stiùiriche a' Chomuinn Ghàidhealaich.

"Chuir an t-uabhas dhaoine a-steach airson farpaisean na bliadhna seo, agus tha fhios againn gum faicear tàlant iongantach.

"'S e tachartas mòr dha-rìribh ann am mìosachan cultarail na h-Alba, a' tàladh Ghàidheal agus Ghall bho air feadh an t-saoghail le farsainneachd thachartasan agus fharpaisean.

"Tha sinn air leth toilichte gu bheil Dàimh agus am Mischa Macpherson Trio againn airson cuirm fosglaidh na bliadhna seo, 's iad gus fonn math a stèidheachadh airson Mòd air leth soirbheachail."