Fiosrachadh ga shireadh mu bhoireannach a tha a dhìth
- Published
image copyrightPoilis na h-Alba
Rinn na Poilis tagradh airson taic is iad a' coimhead airson boireannach à Lancashire a chaidh fhaicinn mu dheireadh an ceann a tuath na h-Alba.
Chaidh Jamila Patel, 41, fhaicinn mu dheireadh a' dol air aiseag eadar Taigh Iain Ghròt ann an Gallaibh agus Arcaibh air an 1mh no an 2na là den t-Sultain agus tha na Poilis draghail mu a sàbhailteachd.
Thuirt na Poilis gur e boireannach Àisianach a th' innte a tha mu 5tr 6or, agus gu bheil i caol le falt donn.
Tha i a' bruidhinn le dual-chainnt iar-thuath Shasainn agus bidh speuclairean oirre uaireannan.
Thuirt na Poilis gun deach an carbad dubh 4x4 aice a lorg ann an Taigh Iain Ghròt.