Beachdan gan sireadh mu thaighean-beaga

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachdan air am planaichean gus toirt air daoine pàigheadh airson barrachd de na taighean-beaga aca a chleachdadh.

Tha mu 100 taigh-beag aig an ùghdarras agus tha iad cuideachd an sàs ann an sgeamaichean faochaidh, far an leig gnìomhachasan dhan mhòr-shluagh na goireasan aca a chleachdadh.

Dh'iarr a' Chomhairle air daoine ceisteachan air-loidhne a lìonadh.

Tha e a' faighneachd dè cho deònach 's a tha daoine pàigheadh airson taighean-beaga a chleachdadh agus dè an t-suim a bhiodh freagarrach.

Feumaidh daoine pàigheadh ann an cuid de dh'àiteachan mu thràth, mar Inbhir Nis, An Aghaidh Mhòr agus Cille Chuimein.