Camarathan-bodhaige do mhaoir-thrafaig
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' gabhail thairis na h-obrach an ath-mhìos.
Tha co-chomhairleachadh ga chumail air a' Ghàidhealtachd mu phlanaichean gus camarathan bodhaige a thoirt do mhaoir-thrafaig.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air a' mhòr-shluagh innse dhaibh ciamar a bu chòir na camatharan a bhith air an cleachdadh.
Mar eisimpleir, tha iad a' faighneachd am bu chòir dhaibh a bhith a' clàradh fad na h-ùine.
Gabhaidh a' Chomhairle an obair seo thairis bho na Poilis an ath-mhìos, agus tha iad airson dèiligeadh ri cuid de thrioblaidean sònraichte, mar droch-pharcadh aig sgoiltean agus daoine a bhith a' dùnadh dheth àiteachan lodaidh aig bùithtean.
Thuirt an t-Àrd-Mhaor-Trafaig, Shane Manning, gum bi na camarathan a' dìon an luchd-obrach ma dh'fhàsas daoine buaireanta.