Boireannach leònte an tubaist-rathaid

  • Air fhoillseachadh

Chaidh boireannach, 25 bhliadhna de dh'aois, a ghoirteachadh às dèidh do chàr bualadh innte an Inbhir Nis.

Thuirt na Poilis gun do theich an dràibhear.

Chaidh am boireannach a bhualadh mu 10:50m air Sràid a' Ghranndaich anns a' Mharc-Innis.

Chaidh a toirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir, is a ceann air a leòn.