BBC Naidheachdan

Croitearan a' coiseachd a-mach à coinneimh

Published

Dh'innis croitearan Chuil Uaraich ann an Leòdhas oidhche Mhàirt dhan chonstabal, a chuir Coimisean na Croitearachd dhan bhaile, nach eil ùghdarras sam bith aige orra agus choisich iad a-mach à coinneimh a chuir an constabal air dòigh.

Tha connspaid air a bhith ann bho chuir an Coimisean an t-seann chomataidh ionaltraidh ma sgaoil bho chionn còig mìosan.

Thagh croitearan a' bhaile comataidh ùr aig deireadh na seachdain a dh'aidhneoin 's gun robh iad air litrichean fhaighinn bhon Choimisean a bha ag ràdh nach b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh.

Chuir an constabal, Cailean Souter, coinneamh air dòigh le croitearan a' bhaile oidhche Mhàirt airson bruidhinn mu na bha esan a' faicinn a bha ceàrr a thaobh ghnothaichean a' bhaile.

Connspaid

Thòisich a' chonnspaid air a' gheamhradh a chaidh nuair a chaidh riochdairean a' Choimisein a Chol Uarach a rannsachadh còmhstrì eadar a' chomataidh ionaltraidh agus dithis chroitearan.

Ghearain a' chomataidh mun dòigh anns an do làimhsich Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a' choinneamh.

Ach thìll an Coimisean chun na comataidh le grunn rudan a bha iad ag iarraidh orra a chur ceart, a' toirt a-steach dòighean-riaghlaidh na buidhne, agus cunntasan am measg eile.

Thuirt a' chomataidh ionaltraidh nach do rinn iad dad ceàrr.

Chaidh a' chomataidh a chur ma sgaoil agus chuir an Coimisean Cailean Souter ann an dreuchd chonstabail a' bhaile.

Tha croitearan den bheachd ge-tà, nach robh e laghail constabal a chur dhan bhaile idir agus tha iad air gearain mun dòigh sa bheil Mgr Souter a' làimhseachadh na h-obrach.

Coinneamh

Cha do mhair a' choinneamh oidhche Mhàirt deich mionaidean mus do dh'fhàg a' mhòr-chuid de na croitearan.

Goirid an dèidh dha a' choinneamh fhàgail thuirt Coinneach Dòmhnallach gur e laghalachd na cùise a thug air coiseachd a-mach.

Tha Mgr Dòmhnallach, a chaidh a thaghadh mar chlàrc a' bhaile le croitearan Disathairne, ag ràdh gun do thog iad puing òrdugh nuair a thuirt Mgr Souter gur e esan a' chomataidh.

A rèir Mhgr Dhòmhnallaich cha robh Mgr Souter dèonach gabhail ris a' phuing òrdugh sin sa bhad, ag ràdh gun dèanadh e sin uair neo uairigin - rud nach do chòrd ri mòran de na croitearan.

"Tha e air a thighinn gu follais nach eil an rud a tha iad a' dèanamh laghail agus chan urrainn dhuinn sinn fhìn a chur fo nì a tha mì-laghail agus ged a tha iad ag ràdh gu bheil e ceart agus cothromach, tha e furasta fhaicinn nach eil e ceart neo cothromachach - an rud a tha iad a' dèanamh - agus bu chòir dhuinn mar chroitearan, thar na dùthcha, seasamh an aghaidh leithid sin," thuirt e.

media captionAithris Aonghais Dhòmhnallaich air An Là oidhche Mhàirt

Cha do dh'fhàg a h-uile duine a' choinneamh ge-tà, agus thuirt Mgr Dòmhnallach nach robh fios aig a' chomataidh thaghte dè an t-seòrsa breithneachaidh a dheadh a dhèanamh aig a' choinneimh.

"As bith dè a nì iad 's ann nan aonar a bhios iad tuilleadh a-mach," thuirt e.

Riaghaltas

Tha dùil gu bheil dreuchd a' chonstabail a' tighinn gu crìch an ceann mìos neo dhà agus tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gum fuirich an fheadhainn a chaidh a thaghadh airson na comataidh ionaltraidh ùire gus an tig an là sin agus gum faic iad an uairsin a bheil taic a' mhòr-chuid de chroitearan aca - rud a tha e misneachail gum bi.

"A' bruidhinn air mo shon fhìn, chan eil mise a' dol a bhith a' freagairt litir tuilleadh bhon chonstabal agus chan eil mi a' dol a thoirt mo bheachd seachad tuilleadh ach do mhuinntir a' bhaile fhèin agus le sin saoilidh mi gur e sin a bhios a' mhòr-chuid a' dèanamh cuideachd.

"Feumaidh an Riaghaltas fhèin a thighinn a-steach agus sealltainn ris a h-uile càil a thachair a dh'fhaicinn an robh e ceart agus cothromach agus gheibh iad fhèin a-mach mar a fhuair sinne, nach eil," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Thuirt Mgr Souter gun robh e na bhriseadh dùil gun do dh'fhàg cuid a' choinneamh.

Tha e ag ràdh gun do mhair a' choinneamh le na croitearan a dh'fhuirich ceithir uairean de thìde agus gun do bhòt na bh' ann gabhail ri dreach ùr de riaghailtean ionaltraidh air an deach beachdan a shireadh thar nan trì mìosan mu dheireadh.

Thuirt e cuideachd gun robh na bha na aghaidh air a bhith gan giulain fhèin mar riaghaltas deachdaireil agus gun do dh'iarr e air a' Choimisean coinneamh a ghairm le Oifis a' Chrùin 'son bruidhinn air seann chunntasan a' bhaile.

"Thathas a' dèiligeadh ri nithean cudthromach agus tha an t-àm ann aig buill na seann chomataidh gabhail ris nach eil am buaireadh a tha iad a' dèanamh math dhaibh-san neo dhan ionaltradh.

"Tha dleastanas orra an teachdan-gearr aideachadh, ionnsachadh bhon a sin, agus gluasad air adhart," thuirt Mgr Souter.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Comataidh ionaltraidh ùr Chuil Uaraich