LWP a' ceannach Tuath-gaoithe Uiseinis

  • Air fhoillseachadh
Tuath-Gaoithe UiseinisTùs an deilbh, Lewis Wind Power
Fo-thiotal an deilbh,
An coltas a tha LWP ag ràdh a bhios air Tuath-gaoithe Uiseinis

Chaidh pròiseact airson 45 crainn-ghaoithe a reic ri Lewis Wind Power (LWP) - co-bhanntachd eadar an dà chompanaidh chumhachd Amec Foster Wheeler agus EDF Energy Renewables.

Fhuair Tuath-gaoithe Uiseinis air Oighreachd Ìsginn ann an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas cead-dealbhachaidh ann an 2010.

'S ann le LWP a tha planaichean Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh anns am bi 36 crainn-ghaoithe an iar air Steòrnabhagh.

Thathar an dòchas gun cuir seo ris an argamaid 'son càball dealain ùr a chur eadar Tìr-Mòr agus Leòdhas.

Cha deach innse dè a phàigh LWP airson Tuath-gaoithe Uiseinis.

Eadar an dà sgeama bhiodh comas aig na crainn-ghaoithe 342MW de chumachd a chruthachadh.

Thathas a' dèanamh dheth gum feum pròiseactan a chruthaicheas còrr is 350MW a bhith air an gealltainn mus tèid an càball mara air adhart.

Tha LWP den bheachd gu bheil an dà phòiseact aca-san cudromach san argamaid an càball fhaighinn.

Cothroman

Thuirt a' cho-bhanntachd gum faigheadh an sgìre buannachd à Tuath-gaoithe Uisneinis leis gum biodh cothrom aig Comhairle nan Eilean Siar earrannan den sgeama a cheannach agus na prothaidean a chleachdadh airson maith na coimhearsnachd.

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gur e cothrom air leth a tha seo 'son am pròiseact a chur an sàs.

"Thig buannachdan às an seo dhan choimhearsnachd ionadail, agus dha na h-Eileanan an Iar san fharsaingeachd, leis gum bi cothrom aig a' Chomhairle cuibhreann math den sgeama a cheannach.

"Tha sinn a' cur fàilte air an naidheachd agus cuiridh e ris an argamaid càball-mara a chur an sàs," thuirt Mgr Caimbeul.

Thuirt Nick Oppenheim, bho Ìsginn Earranta agus leis a bheil an làrach far an tèid Tuath-gaoithe Uiseinis a thogail, gu bheil e air a dhòigh gu bheil LWP a' dol a thoirt na sgeama air adhart.

Dh'innis Ìsginn Earranta air a' mhìos a chaidh gun robh iad airson sgeama haidro a thogail air an oighreachd.

Tha dùil gun tèid cead a shireadh airson sin nas fhaide air a' bhliadhna.