"Ceithir làithean math a dhìth"

  • Air fhoillseachadh
An Transocean Winner

Chaidh innse do choinneimh phoblaich ann an Steòrnabhagh oidhche Mhàirt gum feum an sgioba a tha ag ullachadh airson an clàr-ola Transocean Winner a thoirt air falbh às an Loch a Tuath, ceithir làithean de dheagh shìde airson na h-obrach sin.

"Chan eil mise a' cluinntinn gearain bho dhuine san sgìre agam fhìn," thuirt an Comh. Catriona Stiùbhast, à sgìre a' Bhac.

"Tha sinn air ar cumail an-àirde ri cùisean o là gu là, agus tha sin cuideachail, agus ma tha duine sam bith air a bhith a' faighneachd dhomhsa dè tha a' dol air adhart, tha fiosrachadh agam cha mhòr a h-uile là airson innse dhaibh dè an ath-cheum a thathas a' dol a dhèanamh.

"Chan eil an clàr ann an staid mhath, ach bho thoiseach-tòiseachaidh bhathas ag innse dhuinn dè bha iad a' dol a dhèanamh, agus mar a chuala sinn a-nochd a-rithist, chaidh ola a thoirt far a' chlàir, agus cha robh mòran air bòrd ach na bha feumail airson a cumail a' dol a' tighinn timcheall Rubha Robhanais sìos dhan Loch a Tuath.

Buanachd

"Tha a h-uile duine an ìre mhath leagte ris gu bheil a h-uile càil a tha a dhìth orra nam biodh truailleadh ann, gu bheil e aca," thuirt i.

Tha an Comh. Stiùbhart misneachail gum faigh a' chompanaidh fhathast an deagh shìde a tha a dhìth orra, a dh'aindeoin 's gur e am Foghar a th' ann.

"Cuimhnich gu bheil am Mòd againn an ath-mhìos, agus glè thric tha aimsir mhath dha-rìribh againn," thuirt i.

"Tha aimsir dhona air a bhith againn, ach ma gheibh iad dà là no trì, gheibh iad air adhart mar a tha iad a' miannachadh nuair a thig an soitheach a-steach an ath-sheachdain.

"Tha an t-uabhas dhaoine air a thighinn suas dha na h-eileanan bho chaidh an clàr air tìr ann an Dail Mòr, agus tha daoine a' fuireach anns na taighean-òsta, agus mar a bha iad ag ràdh a-nochd, tha mi a' smaoineachadh gun tuirt iad 40 companaidh a tha air tomhas math de chosnadh fhaighinn às an tubaist a tha seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi a h-uile duine gu math toilichte nuair a dh'fhalbhas i, ach nuair a choimheadas tu air an oidhche, tha i coltach ri craoibh Nollaige, agus tha i brèagha ga coimhead, ach bidh a h-uile duine toilichte nuair a dh'fhàgas i an Loch a Tuath," thuirt i.

Iasgairean

Aig a' cheart am thuirt iasgairean Leòdhais gu bheil a' chompanaidh Transocean, leis a bheil an clàr-ola, air cumail rin gealladh call-airgid sam bith 'son iasgairean a chothromachadh.

"Tha sinne riaraichte le mar a tha cùisean air a dhol a thaobh gnìomhachas an iasgaich, airson tha sinn air a bhith a' còmhradh ri Transocean agus tha sinn air a thighinn gu aonta air an airgead-dìolaidh a bheir iad dha na h-iasgairean a th' air am beò-shlàint' a chall ri linn e a bhith a' grunnachadh thall ann an Dail Mòr, agus thàinig sinn gu co-dhùnadh air sin gu math luath aig deireadh na seachdain a chaidh," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Far a bheil an clàr-ola an-dràsta chan eil e a' toirt buaidh sam bith air gnìomhachas an iasgaich, ach tha iad a' dol ga ghluasad a-mach mìle dhan àird an ear-thuath, agus an uair sin bidh timcheall air 1,000 meatar timcheall air sin a-mach agus nuair a tha iad a' falbh dhan ghrunnd domhain, tha e a' dol a thoirt buaidh air iasgach na crùbaige gu h-àraid.

"Aon uair 's gum faigh sinn na comharran air far am bi e, tha mi cinnteach às gun tig sinn gu co-dhùnadh gu math luath air dè an call a thèid air iasgairean an uair sin.

"Ach feumaidh sinn coimhead gu h-àraid nuair a tha iad a' dol ga ghluasad sìos nas fhaisge air Steòrnabhagh. Tha àite an sin gu math faisg air beul an locha far a bheil tràlairean ag obair, 's tha tòrr èisg ga thoirt à sin.

"Feumaidh sinn a bhith cinnteach gun cùm iad air falbh bho an sin," thuirt e.