Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

EC

Rinn Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean Claude Juncker, càineadh air ionnsaighean air in-imireachan Pòlainneach ann am Breatainn. Bha Mgr Juncker a' toirt òraid seachad ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa mu staid an EU 's e ag ràdh gum feum dòigh beatha mhuinntir na h-Eòrpa a bhith air a dhìon. Thuirt e cuideachd gun robh feum air arm Eòrpach a dh' obraicheadh còmhla ri NATO, 's mhol e gun deidheadh Maoin Dìon Eòrpach a chruthachadh ro dheireadh na bliadhna.

Ceangalan malairt

Aig a' cheart àm bidh deasbad ann an Holyrood an-diugh mu mar 's urrainn do dh' Alba ceanglaichean malairt a chumail le dùthchannan an EU às dèidh na bhòt airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Thèid ceistean a chur air a' Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, le buill air Comataidh na h-Eòrpa.

Ola

Thuit na chaidh a dhèanamh de dh'airgead bho ola ann an uisgeachan na h-Alba chun ìre 's ìsle 's a linn-sa a rèir figearan bho Riaghatas na h-Alba. Chaidh £14.5bn not a dhèanamh ann an 2015, cha mhòr an treas cuid nas lugha na a' bhliadhna ron a sin. Ach dh' fhàs na fhuairear de dh'ola 15% gu cha mhòr 67 millean tunna.

Cosnadh

Tha an àireamh dhaoine ann an Alba a tha a' sireadh cosnaidh air tuiteam 29,000 eadar an Cèitean agus an t-Iuchar chun ìre 's ìsle ann an ochd bliadhna. Bha 130,000 neach a' sireach obrach sna trì mìosan sin, a' toirt an ìre gu 4.7% agus ga thoirt fon ìre son na Rìoghachd Àonaichte gu lèir. Thuit an ìre cion-cosnaidh air feadh Bhreatainn cuideachd.

Col Uarach

Dh'fhàg a' mhòr chuid de chroitearan Chuil Uaraich coinneamh le constabal ionaltraidh a' bhaile an-raoir, nas lugha na deich mionaidean às deidh dhan choinneamh tòiseachadh. Chaidh a' choinneamh a chumail às dèidh dha na cròitearan comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh air an deireadh seachdain - an aghaidh toil Choimisean na Cròitearachd. Thuirt an constabal, Colin Souter nach eil e ag aithneachadh a' chomataidh ùr agus gun do dh'iarr e air a' choimisean, coinneamh a ghairm le Oifis a' Chrùin son bruidhinn air seann chunntasan a' bhaile.