Càineadh air sgeama dhotairean teaghlaich

Chàin fear de Buill-Phàrlamaid na Gàidhealtachd 's nan Eilean, an Làbarach Daibhidh Stiùbhart, Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil iad a' dèanamh gu leòr airson dèiligeadh ri gainnead dhotairean teaghlaich san sgìre.

Chaidh sgeama ùr a chur air dòigh bho chionn ghoirid a tha a' toirt £20,000 dha dotairean a tha air an ùr-thrèanadh ma ghabhas iad obair ann an sgìre far a bheil duilgheadasan air a bhith ann a thaobh a bhith a' fastadh dhotairean.

Ach tha e air a thighinn am follais nach bi ach dhà de na tabhartasan airgid ri fhaighinn air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an ath-bhliadhna.

Thuirt Mgr Stiùbhart nach eil gu leòr ann an sin.

Thar Alba bidh an tabhartas ri fhaotainn airson 37 dreuchdan trèanaidh uile gu lèir.