Buaireadh eadar an RMT agus CalMac

  • Air fhoillseachadh
Lord of the IslesTùs an deilbh, Richard Sowersby

Thàinig dà là de chòmhraidhean eadar CalMac agus aonadh an RMT gu ceann gun aonta mu phàigheadh.

Thuirt an RMT gun do dh'fhailich air CalMac tairgse reusanta a chur air adhart.

Tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil a' chùis a-nis aig ìre eas-aonta foirmeil.

Nì buidheann riaghlaidh an RMT co-dhùnadh a-nis air dè an ath-cheum a ghabhas iad.

Tairsge

Thuirt an t-aonadh gun do dh'innis CalMac dhaibh gun robh an tairsge aca airson cùmhnant seirbheisean aiseig a' chosta an iar stèidhichte air Clàr Phrìsean Reic, an CPI, agus on a seo a-mach gum biodh tairgsean-pàighidh sam bith stèidhichte air a' chlàr sin seach Clàr Phrìsean Luchd-ceannaich, an RPI, mar a chleachd.

A bharrachd air a sin tha an RMT ag ràdh nach bi CalMac a' pàigheadh bònas de 1.5% dhan luchd-obrach tuilleadh ma nì a' chompanaidh prothaid.

Tha CalMac air a bhith a' pàigheadh a' bhònais thar an deich bliadhna mu dheireadh.

A rèir an RMT bidh àrd-mhanaidsearan agus stiùirichean fhathast a' faighinn am bònasan.

Rinn CalMac tairgse-pàighidh de 1.8% gach bliadhna, thar dà bhliadhna - figear a tha stèidhichte air RPI an Lùnastail 2016.

Tha an RMT den bheachd gum bu chòir dha a bhith nas àirde na sin 's iad ag ràdh gu bheil eòlaichean-ionmhais a' dèanamh dheth gun tig àrdachadh de eadar 2.6% agus 3.3% ann an ìre na h-atmhorachd ro dheireadh 2017.

Thùirt Àrd-Rùnaire an RMT, Mick Cash, gun robh e "follaiseach dhan a h-uile duine" an obair a rinn an RMT san iomairt gus stad a chur air na seirbheisean aiseig bho bhith air an toirt air falbh bho ChalMac.

"Chan e dòigh mhath a tha seo dèiligeadh ri buill an RMT agus cuiridh sinn na aghaidh sa h-uile dòigh as urrainn dhuinn.

"Nì sin co-dhùnadh a-nis mu dè an ath-cheum a bhios againn," thuirt Mgr Cash.

Briseadh dùil

Thuirt Àrd-Stiùiriche ChalMac, Màrtainn Dorchetser, gun robh e na bhriseadh dùil mòr dhaibh gun robh an RMT air a dhol gu eas-aonta foirmeil.

"Tha e na bhriseadh dùil dha-rìribh gu bheil an RMT air an co-dhùnadh seo a ruighinn an dèidh dhuinn a bhith ag obair cho cruaidh còmhla ri chèile airson cùmhnant ùr nan seirbheisean aiseig fhaighinn.

"Tha an tairgse a tha air a' bhòrd de 1.8% an ìre mhath a dhà uimhir air na tha air a bhith air a thabhann san roinn phoblaich bho chionn ghoirid.

"'S e tairgse-pàighidh fialaidh a th' ann aig àm nuair a tha buidseadan na roinne poblaiche cho teann," thuirt Mgr Dorchester.

Chuir Mgr Dorchester ìmpidh air an RMT a dhol an sàs ann an tuilleadh chòmhraidhean agus aonta a ruighinn.

Chaidh buill an RMT air stailc as t-samhradh an-uiridh 's iad a' sireadh ghealltanasan mu chùmhnantan-obrach agus pàigheadh mus deach seirbheisean aiseig a' chosta an iar a-mach gu tairgse.