Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hinkley Point

Tha cùmhnantan ùra an lùib an aonta fo an tug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead an-diugh do dh'ionad niuclasach chonnspaideach aig Hinkley Point ann an Somerset. Fon phlana chan fhaod a' chompanaidh Fhraingeach EDF an earrainn anns a' phròiseact a reic gun chead an Riaghaltais mus tèid an stèisean a thogail. Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Greg Clarke, gu bheil e cinnteach gun gabh na buidhnean Sìonach agus Fraingeach a tha a' cur airgid ris a' phròiseact ris na cùmhnantan ùra.

Brexit

Coinnichidh na ministearan a tha os cionn Brexit ann an Riaghaltas na h-Alba agus ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson a' chiad uair an-diugh. Tha Mìcheal Russell, ministear Holyrood airson Brexit, a' coinneachadh ann an Lunnainn ri Dàibhidh Davis, am ministear a tha os cionn an ullachaidh airson Breatainn a thoirt a-mach às an EU.

Càise Errington

Chuir Buidheann Inbhe a' Bhìdhe ann an Alba casg air a h-uile seòrsa càisg bhon chompanaidh Errington ann an Siorrachd Lannraig. Chaidh ceangal a dhèanamh rona seo eadar an càise sin agus bàs nighinn bhig le e-coli. Tha Errington ag ràdh nach eil dearbhadh sam bith ann nach eil an càise aca sàbhailte.

E-coli

Thuirt NHS Taobh Tatha gu bheil iad a' rannsachadh e-coli am measg àireimh bhig chloinne anns an sgìre. Chaidh aon sgoil-àraich a dhùnadh fhad 's a tha an rannsachadh a' dol air adhart.

Càball a' Chuain Sgìth

Tha dòchas ann gu bheil càball dealain ùr eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr ceum nas fhaisge agus dà sgeama mhòr a-niste fo shealbh aon chompanaidh. Cheannaich Lewis Windpower - co-bhanntachd eadar AMEC agus EDF - am pròiseact airson tuath-gaoithe Uisineis air Oighreachd Ìsginn anns am bi 45 crann. Tha cead aca mar thà airson 36 crann faisg air Steòrnabhagh, 's tha EDF ag ràdh gu bheil sin uile a' neartachadh na h-argamaid airson càbaill ùir.

Oifis a' Phuist

Tha na mìltean de luchd-obrach Oifis a' Phuist air stailc an-diugh airson aon là. Tha iad a' gearain air gearraidhean, dùnadh oifisean, call cosnaidh agus buaidh air peinnsean. Mairidh an stailc gu 03:00m a-màireach, ach tha Oifis a' Phuist ag ràdh gum bi a' mhòr-chuid de na h-oifisean fosgailte mar as àbhaist.