Gàidhlig ga daingneachadh sa Chàirt Rìoghail

BBC ALBA

Dhearbh dreach de Chàirt Rìoghail ùr a' BhBC gum feum an craoladair leantainn na thaic do chraoladh Ghàidhlig ann an Alba.

Tha a' Chàirt Rìoghail a' stèidheachadh obair a' BhBC airson an ath 11 bhliadhna.

Tha an dreach den Chàirt ag ràdh gum feum am BBC leantainn na thaic do lìbhrigeadh craolaidh sa Ghàidhlig ann an Alba, agus, tron chom-pàirteachas eadar an craoladair agus MG ALBA, gum feum am BBC leantainn orra a' toirt seachad seirbheis telebhisein a' toirt taic do dh'adhbhar MG ALBA ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun tèid farsainneachd de shàr-phrògraman sa Ghàidhlig a chraoladh do mhuinntir na h-Alba.

Chuir MG ALBA fàilte air an daingneachadh seo, ach dh'iarr iad gun cuireadh am BBC tuilleadh ris an t-sianal Ghàidhlig BBC ALBA.

Tha MG ALBA air a bhith ag iarraidh gun cuir am BBC 10 uairean de thìde de phrògraman Gàidhlig san t-seachdain ris an t-sianal, co-ionnan ri S4C anns a' Chuimrigh, seach 4.5 uair san t-seachdain a tha ga dhèanamh leis a' BhBC an-dràsta.

"Tha a' Chàirt agus an t-Aonta Frèama-Obrach a' cur an cèill dealas sònraichte do chraoladh Ghàidhlig, agus iad ag ràdh gum bu chòir don BhBC leantainn orra nan taic do lìbhrigeadh craolaidh Ghàidhlig ann an Alba, agus gum bu chòir dhaibh sianal telebhisein a thoirt seachad tron chom-pàirteachas le MG ALBA," thuirt Àrd-Stiùiriche MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul.

"Tha sinne a' cur fàilte air an iomradh seo air a' Ghàidhlig, agus gun do chuir Rùnaire na Stàite an cèill gu bheil Riaghaltas na RA ag iarraidh a bhith cinnteach gu bheil na goireasan a tha a dhìth mu choinneimh BhBC ALBA.

"'S e an ath-cheum tuilleadh in-ionmhais fhaighinn bhon BhBC. Tha e soilleir dhuinn gum feum dealas a' BhBC don t-sianal a dhol am meud gu mòr ma tha BBC ALBA a' dol a shoirbheachadh 's a thoirt seachad phrògraman cruthachail agus tùsail don luchd-amhairc.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ris a' BhBC a chùm sin a choilenadh, agus sinn a' creidsinn gum bi an tuilleadh in-ionmhais gu buanachd nan gnìomhachasan cruthachail ann an Alba, a thuilleadh air feumalachdan an luchd-amhairc againn," thuirt e.