BBC Naidheachdan

Ceum an t-Stìll dùinte "còig seachdainnean"

Published
image copyrightSteve Fareham/Geograph
image captionBidh mòran luchd-coiseachd a' cleachdadh cheum an t-Still.

Dh'fhaodadh gum bi ceum coise ann an Loch Abar a bhios mòran dhaoine a' cleachdadh dùinte suas ri còig seachdainnean an dèidh maoime-slèibhe mhòir na bu thràithe den t-seachdain.

Rinn creagan a thuit bho Mheall Chumhann milleadh air a' ceum.

Tha Urras Iain Mhuir, a bhios a' coimhead às dèidh na làraich, ag ràdh gu bheil na tunnaichean de chreig mhì-sheasmhach os cionn a' cheum na chunnart fhathast don phoball.

Thuirt iad gu bheil na tunnaichean creige glacte ann an craobhan, agus nan seasamh gu cugallach air an oir.

Thàinig a' mhaoim-slèibhe a-nuas oidhche Mhàirt.

Thuirt an t-Urras gum biodh an ceum dùinte don phoball gus an deadh an obair gus a dhèanamh sàbhailte a chrìochnachadh.

Feumar a-niste slighe eile a chomharrachadh airson an Salomon Ring of Steall Skyrace, rèis fhulangais a ghabhas àite air an deireadh sheachdain seo.

image copyrightOrdnance Survey/JMT
image captionMapa an Ordnance Survey den sgìre far an tàinig a' mhaoim-slèibhe a-nuas.