Gun aonta
- Air fhoillseachadh
Brexit ga dheasbad an trì pàrlamaidean
Thàinig a' chiad choinneimh eadar Mìcheal Ruiseal agus David Davis gu crìch gun aonta an-diugh.
Às dèidh deasbaid anns na trì pàrlamaidean an-dè, choinnich an dà mhinistear le dleastanas airson Brexit gus aonta a ruighinn air thoiseach air a' chòmhradh leis an Roinn Eòrpa.
A dh'aindeoin dùil agus dòchais aig Holyrood - mar a chithear anns an agallamh le Alasdair Allan às dèidh bhòt na Pàrlamaid Albannaich - is coltach nach eil an dithis air an aon rabh fhathast.
Anns a' bhrath-naidheachd a dh'fhoillsich iad còmhla às dèidh na coinneimh, thuirt an thaobh gun robh iad a' tighinn chun na ceist bho dhà seasamh gu tur eadar-dhealaichte.
Is lèir sin - ach tha Riaghaltas na h-Alba an dòchas gun aontaich Mgr Davis gum bi ministearan à Dùn Èideann an sàs anns a' chòmhradh, gu h-àraid air cùisean, leithid iasgaireachd, a tha fo smachd Holyrood.
Thuirt Mìcheal Ruiseal gun robh e an dòchas gun tèid aonta a ruighinn a dh'aithghearr - ach cha deach an-diugh.