Rabhadh mu ghnìomhachas nam fiadh

Fèidh Image copyright PA

Thàinig rabhadh gum faodadh Alba cothrom a chall air margaidh luach nam milleanan notaichean, mura tèid barrachd a dhèanamh gus tuathanasan fhiadh a bhrosnachadh.

Tha eòlaichean ag ràdh gu bheil an t-iarrtas a th' air sitheann ann am bùithdean Bhreatainn air sìor fhàs anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Thuirt iad gu bheil barrachd a-nise ga iarraidh na tha ri fhaighinn san dùthaich, an dà chuid bho thuathanasan fhiadh agus fèidh fhiadhaich.

Tha sin a' fàgail gu bheil feòil a' tighinn a Bhreatainn bho cho fada air falbh ri Sealann Nuadh.

A rèir eòlaichean, cha gabh an t-iarrtas a th' ann ann am Breatainn a shàsachach le barrachd fhiadh a mharbhadh air monaidhean na dùthcha.

'S e fàs a thoirt air gnìomhachasan nan tuathanasan fhiadh a tha a dhìth, tha iad ag ràdh, ged nach gabh sin a dhèanamh gu sgiobalta.

"Chan eil e coltach ri factaraidh, chan urrainn dhut tap a chur air", thuirt Ali Loader, a tha na thuathanach fhiadh ann an Ear-Thuath na h-Alba.

Ùine

"Bheir e ùine stoc a bharrachd a thoirt a-steach, na tuathanasan a leasachadh, is an t-eòlas a tha a dhìth ionnsachadh.

"'S e an tàmailt a th' ann gun do thòisich tuathanasan fhiadh ann an Alba is Sealann Nuadh cha mhòr aig an aon àm.

"Tha millean fiadh ann an tuathanasan fhiadh ann an Sealann Nuadh a-nise, tha sin nas motha na gnìomhachas na feòla-mairt ann an Alba", thuirt e.

Ged a tha subsadaidhean ann mar thà, tha riochdairean a' ghnìomhachais a-nise ag iarraidh taic Riaghaltais a bharrachd.

'S e cuideachadh a bhiodh an sin, tha iad ag ràdh, dha daoine a tha airson tuathanasan fhiadh a stèidheachadh.

Mura tig fàs, tha iad ag ràdh gum faodadh Breatainn a bhith a' toirt a-steach a dhà uimhir de shitheann à Sealann Nuadh an ceann còig bliadhnaichean, is gum biodh an Rìoghachd air cothrom air gnìomhachas luach nam milleanan notaichean a chall.