"Taic a dhìth" 'son buaidh asbestos
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt ag iarraidh barrachd taic do daoine a tha a' sireadh airgid dhìolaidh air sgàth 's gu bheil iad a' fulang le aillse a thàinig orra ri linn asbestos.
Seo an dèidh do dh'fhear ann an Inbhir Nis a ràdh nach robh Comhairle na Gàidhealtachd, dhan robh e uair ag obair, a' freagairt litrichean bhuaithe.
Fhuair Seumas Nicol, 85 bliadhna de dh'aois, a-mach sa Mhàrt gun robh aillse mesothelioma na sgamhanan.
Tha e den bheachd gun d' fhuair e an aillse sgamhain air sgàth na h-obrach a bha e a' dèanamh do Chomhairle Roinn na Gàidhealtachd bho chionn 30 bliadhna 's e a' càradh taighean comhairle anns an robh asbestos.
Ged a tha e fhathast a' faighinn peinnsein bhon ùghdarras ionadail 'son na h-obrach a rinn e mar dhorsair às dèidh làimhe, tha e a' cur às leth an ùghdarrais ionadail gun do chuir iad an cùl ris leis nach do fhreagair iad litirichean bhon fhear-lagha aige.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach b' urrainn dhaibh càil a ràdh mu chùis Mhgr Nicol ach gun deadh conaltradh sam bith a dhèanamh tro luchd-lagha.
Tha a' bhuidheann Clydeside Action on Asbestos ag ràdh gu bheil suidheachadh Mhgr Nicol a' fàs nas cumanta.
Dh'iarr iad gum biodh barrachd taice ann do dhaoine air a bheil an tinneas agus a tha a' dèanamh tagradh 'son airgid dhìolaidh ri linn.