Laghan inimrich "a' cur an iasgaich an cunnart"

  • Air fhoillseachadh
Mùsgan-caol

Tha mar a thathar a' cur laghan inimrich an sàs a' cur gnìomhachas an iasgaich anns na h-eileanan ann an cunnart, a rèir cuid sa ghnìomhachas.

Tha sgothan nan tàmh ann am Barraigh le cion iasgairean bhon chaidh laghan atharrachadh bho chionn ceithir bliadhna a' cur stad air iasgairean bho thaobh a-muigh Sgìre Eaconamaich na Roinn Eòrpa (EEA) bho a bhith a' tighinn a dh'iasgach ann an uisgeachan tìreach na Rìoghachd Aonaichte - sin taobh a-staigh dusan mìle bho chosta na dùthcha.

Tha manaidsear na companaidh giollachd èisg agus maoraich, Barratlantic, Dòmhnall Iòsaph MacIlleathain, ag ràdh gu bheil trì de na bàtaichean aca-san nan tàmh an-dràsta leis gun do dh'fhalbh na h-iasgairean a bh'orra air ais dhachaigh.

Inimrich

Thuirt Mgr MacIlleathain gun do dh'fheuch iad ri daoine eile fhaighinn, ach gun deach dithis a thilleadh air ais na bu thràithe air an t-seachdain le Buidheann Smachd nan Crìochan ann an Glaschu a thuirt nach robh na bàtaichean aig Barratlantic freagarrach airson a bhith ag iasgaich taobh a-muigh dusan mìle.

"Cha bu chòir na seòrsa daoine a tha seo a bhith ag innse dhuinne càite am bi sgoth againne ag iasgach neo dè an t-seòrsa sgìre a tha i a' dol dh'iasgach ann.

"'S e sgiobair a dh'fheumas sin a dhèanamh agus tha an t-iasgach feumach air daoine aig a bheil sgilean agus chan eil iad rim faighinn sna h-eileanan seo an-dràsta chionn 's chan eil an sluagh dhaoine ann a bha ann agus a rèir sin feumaidh sin daoine a thoirt a-staigh à dùthchanan taobh a-muigh na Roinne Eòrpa, agus tha an Riaghaltas againn a' feuchainn ri sin a bhacadh ag ràdh gur e inimrich a th'ann.

"Chan e inimrich a th' ann an sin idir. Tha na daoine sin a' tighinn a-nall a dhèanamh obair dhuinne agus a chur biadh air na truinnsearan aca-san shìos ann an Sasainn agus ann an Alba agus a ràdh rinne gu bheil sinn a' toirt a-staigh daoine nach bu chòir dhuinn, tha sinn ceàrr.

"Tha sinne a' toirt a-steach dhan iasgach daoine aig a bheil na sgilean.

"'S e obair a th' anns an iasgach nach dèan a h-uile duine," thuirt Mgr MacIlleathain.

Riaghailtean

Thàinig e am follais beagan bhliadhnachan air ais gun robh bàtaichean a bha ag iasgach ri cladaichean na dùthcha a' cleachdadh iasgairean bho thaobh a-muigh an EEA.

Anns a' Mhàrt 2010 chaidh ceadan sealach a thoirt do 1,500 de na h-iasgairean sin airson a bhith ag obair air na bàtaichean sin gus cothrom a thoirt dhan ghnìomhachas iasgairean ionadail a thrèanadh agus fhastadh.

Chaidh na ceadan a tha sin a thoirt gu ceann sa Lùnastal 2012 agus chan eil e ceadaichte a-nis do dh'iasgairean bho thaobh a-muigh an EEA a bhith air bàtaichean a tha ag obair taobh a-staigh 12 mìle bho na cladaichean.

Cosnaidhean

Bha Barratlantic a' toirt cosnadh do dhaoine à dùthchanan leithid Ghana agus na Filipìonan mus do dh'atharraich na riaghailtean.

Tha Mgr MacIlleathain ag ràdh nach deach ùine gu leor a chur mu seach airson trèanadh a thoirt do dh'iasgairean ionadail agus tha e den bheachd nach eil còir aig an Riaghaltas a bhith ag innse do sgiobairean cò a bu chòir a bhith ag obair dhaibh.

"Tha còir agad a bhith a' toirt nan daoine as fheàrr a nì an obair a-staigh.

"Agus bha na balaich a tha sin a' pàigheadh chìsean agus àrachas-nàiseanta san ùine a bha sin.

"Chanainn-sa sna h-Eileanan an Iar, ann an seo, gum feumamaid co-dhiù bhìosa 'son aon 50 duine fhaighinn a-staigh 'son tha barrachd agus tràlairean, tha balaich aig clèibh cuideachd ga iarraidh.

"Tha sinne an-dràsta le trì eathraichean ceangailte suas. Sin naoi cosnaidhean agus tha sin a' toirt buaidh air an fhactaraidh againn an-dràsta.

"A h-uile duine aig muir tha triùir air tìr airson an duine sin, airson an obair sin a dhèanamh.

"Tha sin ag innse gum bi sinne an uairsin a' call dhaoine as sàilleabh 's nach bi an obair againn dhaibh, air sàilleabh Riaghaltais nach eil fhios aca dè a tha iad a' dèanamh," thuirt Mgr MacIlleathain.

Thuirt Buidheann Smachd nan Crìochan gun robh ceistean ann mu cho freagarrach 's a bha na bàtaichean-iasgaich airson cumail taobh a-staigh a' chead-obrach.

Dhiùlt iad tuilleadh fiosrachaidh a thoirt do Bhall-Pàrlamaid nan Eilean Siar air sàilleabh 's nach ann às an sgìre aige a bha an dithis a bha a' siubhal.