BBC Naidheachdan

Cuireadh do Johnson agus Mundell

Published
image copyrightGeograph Dr Julian Paren
Thug Àrd-stiùiriche Puirt-adhair na Gàidhealtachd snan Eilean cuireadh dha Boris Johnson sgèith à Heathrow gu ruige Inbhir Nis an dèidh do Rùnaire nan Dùthchanan Cèin a ràdh nach robh anns na planaichean gus Heathrow a leudachadh ach "bruadar" agus gum bu chòir an cuir dhan "sgudal."
Tha Inglis Lyon ag ràdh gur e Heathrow an t-slighe as soirbheachaile aig Inbhir Nis a-mach as na seirbheisean a th'aca taobh a-staigh na dùthcha.
Ach tha Port-adhair Heathrow, fear de na puirt-adhair as trainge air an t-saoghal, làn, agus feumar a leudachadh ma tha e gu bhith a' farpais ri puirt-adhair mhòr eile.
Thuirt Mgr Lyon gu bheil a' Ghàidhealtachd a' cur feum air cothrom eile plèana a laighe ann.
Ann an litir gu Rùnaire na h-Alba, Daibhidh Mundell, dh'iarr Mgr Lyon air dearbhadh nach eil Riaghaltas Westminster ag aontachadh ri beachd Mhgr Johnson.
Thug Mgr Inglis cuireadh dhan dithis an t-slighe a ghabhail agus a dhol gu coinneamh forum gnothachais air Ghàidhealtachd.
Tha Mgr Mundell na bhall de Chomataidh nam Puirt-adhair, ach chan eil Mgr Johnson.
Mhol Coimisean nam Port-adhair an-uiridh gur e a bhith a' togail an treas raon-laighe aig Heathrow an dòigh a b'fhèarr dèiligeadh ri barrachd sheirbheisean adhair.
Chan eil dùil ri co-dhunadh bhon chomataidh mu a sin gu co-dhiù an Damhair.