Barrachd às-mhalairt uisge bheatha
- Air fhoillseachadh

Dh'èirich na chaidh de dh'uisge bheatha Albannach a reic a-null thairis airson a' chiad uair bho 2013.
Ach tha Comann an Uisge Bheatha Albannaich a' toirt rabhaidh gu bheil mì-chinnt mu choinneimh a' ghnìomhachais ri linn Breatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich, 's iad ag ràdh gu bheil sin a' cur dùbhlan ro às-mhalairt.
Chaidh còrr air leth-bhillean botal de dh'uisge bheatha Albannach, luach còrr air £1.7bn, a reic a-null thairis sa chiad shia mìosan den bhliadhna.
'S e àrdachadh 3.1% a tha sin, ged a thuit luach na h-às-mhalairt beagan.
B' e an Fhraing a bu mhotha a cheannaich de dh'uisge bheatha, ach b' e na Stàitean Aonaichte a bu luachmhoire dhan ghnìomhachas, le barrachd mhac na braiche ga reic.
Tha iarrtas air uisge beatha Albannach ag èirigh air feadh an t-saoghail, ach tha Comann an Uisge Bheatha Albannaich ag ràdh gu bheil iad ag obair gu dlùth le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte feuch gun tuig iad prìomhachasan a' ghnìomhachais.