Co-labhairt mu chanàlan an Inbhir Nis

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, (C) British Broadcasting Corporation
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid coimhead ri na dùbhlain a tha an coìs a bhith a' cumail chanàlan aig ìre

Bidh cuid de phrìomh eòlaichean air canàlan an t-saoghail a' coinneachadh ann an Inbhir Nis an t-seachdainn-sa.

Bidh tosgaire Phanama a Bhreatainn a-measg na bhios a' bruidhinn ann le dùil ri eòlaichean cuideachd às na Stàitean Aonaichte, à Canada agus à Sìona.

Bidh iad a' beachdachadh air atharrachadh na sìde, mar a ghabhas canàlan a bhith air an cleachdadh airson bailtean ath-bheothachadh, agus mar a ghabhas an cuir gu feum airson luchd-turais a thàladh.

Thèid coimhead cuideachd ri na dùbhlain ensineeridh a tha an cois a bhith gan cumail aig ìre.

Bidh an tachartas a' ruith eadar Diluain agus Diardaoin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh