Connadh niuclasach ga sgèith dhan na Stàitean Aonaichte
- Published
image copyrightPA
Dh'fhàg plèana le connadh niuclasach air bòrd port-adhair Inbhir Ùige Disathairne 's i a' dèanamh air Carolina a Deas anns na Stàitean Aonaichte.
'S ann air plèana airm a chaidh an uranium bho Ionad Dhùn Rath a ghluasad, 's chaidh an rathad a-mach dhan a' phort-adhair a dhùnadh fhad 's a bhathas ga chuir air bòrd an itealain.
Chaidh obair-leasachaidh luach £18m a dhèanamh air port-adhair Inbhir Ùige gus am faodadh plèanaichean nas motha a chleachdadh.
Thog luchd-poileataigs agus luchd-iomairt dragh mòr mun na planaichean 's iomagain orra mu shàbhailteachd.
Dh'fhaodadh plèanaichean a bhith a' fàgail Inbhir Ùige le connadh nuicleasach grunnan thursan eile.