Stad ga iarraidh air sgèith niuclasach
- Air fhoillseachadh
Tha BP Ghallaibh, Chataibh is Taobh Sear Rois ag iarraidh air an Riaghaltas stad a chur air pleanaichean connadh niuclasach a sgèith a-mach às an sgìre.
Tha stuth ga chur bho Phort-adhair Inbhir Ùige dha na Stàitean Aonaichte.
Tha Pòl Monaghan ag ràdh gu bheil an suidheachadh a th' ann na chunnart.
Dh'fhàg plèana port-adhair Inbhir Ùige air an deireadh-sheachdain, is e a' giùlain connaidh niuclasaich bho sheann ionad Dhùnrath gu na Stàitean Aonaichte.
B' e seo a' chiad turas a bha e air tachairt.
Bha poilis ann fhad 's a bhathas a' deasachadh a' phleana, agus bha am prìomh rathad chun a' phuirt-adhair dùinte.
Chaidh cha mhòr £20m a chosg air Port-adhair Inbhir Ùige, gus an deadh aig plèanaichean nas motha laighe ann.
Thuirt Mgr Monaghan gum bu chòir casg a chur air na plèanaichean seo, is dòigh eile a lorg an stuth niuclasach a ghlusaad,