Cead do dh'iasgairean ga iarraidh

Bàt-iasgaich
Image caption Tha casg air daoine bho thaobh a-muigh na Sgìre Eaconamaich Eòrpaich bho bhith ag obair air bàtaichean-iasgaich ann an uisgeachan tìreil Bhreatainn.

Tha BP nan Eilean Siar ag iarraidh air an Riaghaltas gluasad gu sgiobalta gus leigeil le sgiobairean iasgairean à taobh a-muigh na Roinne Eòrpa fhastadh.

Nochd gearainean ann am Barraigh gu bheil bàtaichean air an ceangal aig port leis gun deach luchd-obrach cèin a thionndadh air falbh leis na h-ùghdarrasan.

Tha Aonghas Brianan MacNìll air sgrìobhadh chun Riaghaltais, is e ag ràdh nach eil iad a' tuigsinn an t-suidheachaidh.

"Chan eil Riaghaltas Bhreatainn ag iarraidh gum bi daoine a' tighinn a-steach a dh'obair, a thaobh 's nach eil iadsan a' faicinn gu bheil an obair aca riatanach no iomchaidh airson puingean gu leòr a thoirt dhaibh a thighinn a-steach," thuirt Mgr MacNìll.

Greiseag

"Gu mì-fhortanach, fhad 's a tha iad a' dèanamh riaghailtean mar sin ann an Lunnainn, àite a tha fada air falbh, tha fhios againn o chionn iomadach bliadhna gu bheil gainnead de dhaoine ann airson a bhith ag obair mar sgioba air bàtaichean-iasgaich.

"An-dràsta am Barraigh, tha mu thrì bàtaichean iasgaich ceangailte a thaobh cion chriutha, agus dh'fheuch iad air an t-seachdain seo chaidh air fear a bha a' tighinn a dh'obair à Gàna. Chaidh stad a chur air air sàilleabh 's nach robh iad a' creidsinn gun robh e a' dol a thilleadh.

"Tha an staing a tha seo an Èirinn cuideachd, ach tha Èirinn neo-eisimeileach agus tha an cumhachd acasan airson gnothaichean a dhèanamh dhaibh fhèin agus sgeama a chur air dòigh a bheir a-steach daoine a dh'obraicheas air bàtaichean-iasgaich.

"Tha sin a-niste a' toirt cothrom a bharrachd do dh'iasgairean na h-Èireann 's do bhàtaichean-iasgaich na h-Èireann agus do dh'eaconamaidh na h-Èireann 's na h-obraichean a tha ceangailte air tìr, a bhith nas làidire, agus seasmhach.

"Am fiosrachadh a th' agamsa air a h-uile duine a thàinig thar nam bliadhnaichean, tha iad a' tilleadh dhachaigh. Chan eil iad ag iarraidh ach ag iarraidh greiseag obrachadh 's tilleadh dhachaigh leis an airgead.

"Tha mi ag iarraidh air Riaghaltas Westminster seòrsa de dhleastanas a ghabhail air na tha iad air adhbharachadh, leigeil le daoine tighinn a-steach agus leigeil le bàtaichean a dhol a dh'iasgach," thuirt e.

A' toirt beachd air suidheachadh dithis a bha ag obair air soithichean Bharraigh agus a chaidh a chur a-mach às an dùthaich, thuirt Oifis na Dùthcha:

"Nuair a thathas a' beachdachadh air iarrtasan obrach le maraichean cùmhnantail, beachdaichidh Feachd na Crìche air grunnan rudan, leithid meud agus seòrsa nan soithichean, dè seòrsa iasgaich a bhios i ris, agus an t-inbhe aice, feuch tomhas a dhèanamh co-dhiù bhiodh e reusanta co-dhùnadh gu bheil i comasach air iasgach taobh a-muigh uisgeachan tìreil, agus/no co-dhiù biodh e reusanta gum biodh balll den chriutha a' fuireach ùine fhada air bòrd an t-soithich.

"Anns na cùisean seo, cha robh Feachd na Crìche sàsaichte gum fàgadh na maraichean cùmhnantail an Rìoghachd Aonaichte mar a bhiodh a dhìth orra fo riaghailtean inimreachais.

"Chaidh cead a dhiùltadh dhaibh, le mìneachadh.

"Chaidh an dithis aca a chur a-mach às an dùthaich on uair sin."