Caidreachas a' gearain

  • Air fhoillseachadh
Col

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba air sgrìobhadh gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, a ghearain gu bheil dìmeas ga dhèanamh air còirichean chroitearan.

Tha iad ag iarraidh gun tèid an Conastabal a chuir Coimisean na Croitearachd os cionn ghnothaichean àiteachais ann an Col Uarach an Leòdhas a chur às àite, agus gun tèid ùghdaras a thoirt do chomataidh ionaltraidh a chaidh a thaghadh le croitearan a' bhaile.

Chuir an Coimisean an t-seann chomataidh baile às an dreuchdan o chionn còig mìosan, a' cur a' chonstabail nan àite.

Tha croitearan a' bhaile air comataidh ùr a thaghadh, agus iadsan a' cur ceist ann an seasamh laghail a' chonstabail.

"Tha a' chuid as motha de luchd-earrainn talamh ionaltraidh Chuil Uaraich air bhòtadh," thuirt Cathraiche a' Chaidreachais, Fiona Mandeville.

"Ach chan an constabal, le luchd-lagha ag ràdh nach eil seasamh laghail aige, a' toirt feart orra idir.

"Dh'iarr an luchd-earrainn gum fàg an constabal, Cailean Souter, a chaidh a chur ann le Coimisean na Croitearachd, a dhreuchd gus an gabh comataidh a chaidh a thaghadh gu deamocratach a chur air ais an dreuchd. Carson a tha e fhathast ann?

"'S e deamocrasaidh bun-stèidh nan comataidhean ionaltraidh.

"Cha do shoirbhich leis a' chonstabal na oidhirp fianais air cion phròiseas deamocrataich a lorg ann an obair na seann chomataidh ann an Col Uarach.

"Tha còir laghail aig an luchd-earainn an comataidh fhèin a thaghadh, agus tha Mgr Souter na sheasamh nan àite. Feumaidh e seasamh an dàrna taobh, no feumar a chur às a dhreuchd."

"Tha an suidheachadh do-chreidsinneach seo a' dèanamh cron mhòir, chan ann a-mhàin air coimhearsnachd croitearachd Chuil Uaraich, ach air croitearachd fhèin.

"Tuigidh sinn gu bheil leisg air an Riaghaltas gnothach a ghabhail le coimisean a th' air a thaghadh gu deamocratach, ach cha deach an constabal seo a thaghadh gu deamocratach, tha e a' cumail a-mach gu bheil e neo-eisimeileach bhon Choimisean a chuir na dhreuchd e, agus tha e a' dol an aghaidh deamocrasaidh.

"Chan eil dad a' cur stad air Riaghaltas na h-Alba bho a bhith a' dèanamh an rud cheart, agus feumaidh iad a dhèanamh a-niste."