Brainich a' fuireach

Gregg, Lachlan agus Kathryn Brain

Fhuair an teaghlach Brain, a bh' ann an cunnart a bhith air an cur a-mach às an dùthaich, cead fuireach ann am Breatainn.

Tha an teaghlach, a bhuineas do dh'Astràilia, a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain air Ghàidhealtachd.

Thàinig Gregg agus Kathryn Brain a dh'fhuireach ann an Alba air bhìosa oileanach o chionn còig bliadhna, ach chaidh na riaghailtean fo an tàinig iad atharrachadh.

Tha am mac, Lachlan, ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt am BP, Iain Blackford, gun d' fhuair an teaghlach cead fuireach.

Bha a' Bh.Ph. Brain a' feuchainn ri obair fhaighinn a thigeadh a rèir nan riaghailtean bhìosa.

Chaidh cead sealadach a thoirt dhaibh roimhe, le Oifis na Dùthcha, fo am faodadh iad fuireach ann am Breatainn gu 1mh an Lùnastal am-bliadhna.

Chaidh a' chùis aca a chluinntinn le comataidhean pàrlamaideach gach cuid ann an Westminster agus ann na Holyrood.

Ann an tweet, thuirt Mgr Blackford: "Buaidh dha na Brainich. Tha mi fìor-thoilichte innse gum faca Oifis na Dùthcha ciall 's gun tug iad cead dhan teaghlach fuireach. Taing dha na h-uile airson na taice."

Thuirt labhraiche do dh'Oifis na Dùthcha: "Tha sinn air a bhith soilleir bho thoiseach, nam faigheadh na Brainich tabhartas obrach freagarrach, gum beachdaicheamaid air iarrtas fuireach san RA.

"Thug sinn dhaibh iomadh sìneadh, ann an dòigh gu math neo-àbhaisteach, a cheadaicheadh dhaibh feuchainn air obair fhaighinn a thigeadh a rèir nan riaghailtean inimreachais.

"Chaidh obair a thabhainn air a' Bh.Ph. Brain on uair sin le buidheann taighean-òsta.

"Bheachdaich sinn air seo, agus tha sinn sàsaichte gun tig e a rèir nan cùmhnantan airson bhìosa aig Ìre 2.

"Tha sinn air sgrìobhadh chun a' Bh.Ph. Brain ag innse gun deach cead a thoirt dhise agus do a teaghlach fuireach san RA."