Dragh mu sheòlaidhean Bharraigh
- Air fhoillseachadh

Tha comhairliche à Barraigh a' sgrìobhadh gu CalMac a dh'fhaighneachd carson a tha uimhir de dh'atharrachaidhean ris an t-seirbheis eadar an t-Òban agus Bàgh a' Chaisteil.
Tha dragh air muinntir Bharraigh gu bheil uairean seòlaidh tric ag atharrachadh, 's seirbheisean gan cur dheth, 's dragh orra gur ann nas miosa a dh'fhàsas an suidheachadh nuair a thig an geamhradh.
'S e an MV Isle of Lewis a tha a' frithealadh na slighe an-dràsta ach tha cuid a-nis a' ceasnachadh an i am bàt'-aiseig as fhèàrr airson na seirbheis.
Tha Dòmhnall Manford am beachd a' cheist sin a thogail le CalMac.
Droch shìde
"Bha dragh bho thus mun eathar - cho comasach 's a tha i air an t-seirbheis a dhèanamh ann an droch shìde".
Thuirt e gum feumadh an soitheach a bhith air an t-slighe greis mus deadh aca air sin a dhearbhadh.
Tha e a-nis ag iarraidh air CalMac riochdaire a chur chun an eilein a bheachdachadh air mar a ghabhas piseach a thoirt air an t-seirbheis.
Tha CalMac air a ràdh roimhe gur e sgiobair a' bhàt'-aiseig a cho-dhùineas am bu chòir seòladh agus gur e ceistean sàbhailteachd a dh'fheumas prìomhachas fhaighinn.
Thuirt Mgr Manford gun robh e a' gabhail ris an sin ach gur e a' cheist a th' air-san dè cho dona 's a dh'fheumas an aimsir a bhith mus bi am bàta a' fuireach aig port.
"Dh'fhaodamaid a ràdh gu bheil sinn a' tòiseachadh gu tràth air an seo a thaobh 's nach eil an droch shìde air tighinn oirnn fhathast - 's ann a tha seo ach a' cumail air n-aghaidh le còmhradh feuch am faic sinn agus gun tuig a h-uile duine cà' bheil sinn mus tig an droch shìde."