Dragh mu sgeama dementia

Làmhan

Trì bliadhna às dèidh mar a chaidh sgeama taice fhoillseachadh dha daoine a tha a' fulang le dementia, tha na mìltean de dh'euslaintich fhathast gun cuideachadh sam bith fhaighinn.

A bharrachd air sin, bha an taic a bh' ann gu mòr a rèir càite an robh daoine a' fuireach, is an sgeama air stad gu tur 'son còrr is bliadhna anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh an sgeama a stèidheachadh ann an Alba ann an 2013.

'S e an NHS a tha ga ruith.

Gheall an sgeama taic shònraichte a mhaireadh bliadhna dha daoine a bha air dearbhadh fhaighinn gun robh dementia orra.

Bhiodh comhairle is stiùireadh rim faighinn dhaibh, am measg eile.

Mìltean

Rinn am BBC iarrtas tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, a sheall nach d' fhuir na mìltean cothrom air an sgeama idir.

Ann an Arcaibh is Sealtainn, fhuair a h-uile duine a bha air ùr-fhaighinn a-mach gun robh dementia orra taic.

Anns na h-Eileanan an Iar, ge-tà, sguir an sgeama gu tur 'son 18 mìosan.

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a-nise a' fastadh luchd-obrach a bharrachd.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag aithneachadh gum feumar barrachd a dhèanamh.

Dh'innis iad, ge-tà, gur e Alba an aon phàirt den Rìoghachd Aonaichte far an deach gealltanas nàiseanta a thoirt seachad air taic dha daoine a tha air dearbhadh fhaighinn gu bheil dementia orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile