An Hawk san Loch a Tuath
- Air fhoillseachadh

Ràinig am bàta mòr an OHT Hawk Leòdhas is dòchas ann gum falbh e leis an Transocean Winner cho luath 's a ghabhas.
Bha an Hawk air a slighe a dhèanamh à Cromba, far an do dh'fhàg e clàr-ola eile.
Ràinig e an Loch a Tuath timcheall aig 8:00f oidhche Mhàirt.
Tha obair a-nise ga dèanamh an Transocean Winner a dheasachadh 'son a chur air an Hawk.
Chaidh sgrios a dhèanamh air a' chlàr nuair a chaidh e air na creagan aig Dàil Mòr air taobh siar Leòdhais.
Bha e air bristeadh air falbh bho bhàta-slaodaidh ann an stoirm.
Tha sin a' fàgail gu bheil pìos dhith a' laighe nas doimhne san uisge na an còrr dhith.
Tha am pìos sin mu 12 meatair fon uisge, is feumar a thogail 4 meatairean mus tèid an clàr a chur air an Hawk.
Thèid na h-acraichean a tha a' cumail a' chlàir an uairsin a thoirt bhuaipe, is thèid a gluasad mu mhìle a-mach gu far am bi an Hawk a' feitheamh.
Thèid an Hawk a chur fodha san uisge, thèid an clàr a chur oirre, is èirichidh an Hawk a-rithist leis a caragò oirre.
Feumaidh an uairsin an clàr a cheangal air an deic, is mura gabh sin a dhèanamh san Loch a Tuath, thèid an Hawk sìos mu dhà no trì mìle deas air cala Steòrnabhaigh gus fasgadh fhaighinn.
Feumaidh an sgioba-saoraidh co-dhiù là gu leth de dh'aimsir shocair 'son an clàr a chur air an Hawk.
Bha dùil nach biodh cothrom air sin a' chiad ghreis.
Thathas an dòchas a-nise, ge-tà, oidhirp a dhèanamh eadar feasgar Disathairne agus Didòmhnaich, ma bhios an t-sìde fàbharach.
Ma thèid a h-uile sian mar a bu chòir, thèid an Transocean Winner a thogail air falbh, is a turas a Leòdhas gu bhith seachad.
Thèid a toirt dhan Tuirc, far an tèid a bhristeadh às a chèile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 6 An t-Sultain 2016