Diomb san t-Òb mu thogalach na sgoile

  • Air fhoillseachadh
Sgoil an t-ÒibTùs an deilbh, Dave Fergusson/Geograph

Thuirt a' bhuidheann-stiùiridh a tha airson pàirt de sheann sgoil an t-Òib anns na Hearadh a leasachadh gu bheil iad diombach mu "chnapan-starra" a tha a' dol san rathad orra.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar romhpa roimhe an sgoil a leasachadh, ach chan eil feum an-diugh ach air an aon togalach.

Tha iad am beachd an togalach eile a leagail.

B' fheàrr leis a' choimhearnsachd an togalach a chumail agus a chur gu feum.

Am measg nam molaidhean a chuir iad air adhart, 's e comann eachdraidh, cafaidh, ionad spòrs, bùth chathrannais no ionad nigheadaireachd a stèidheachadh ann.

Thuirt a' bhuidheann-stiùiridh gun do chuir iad a-steach iarrtas-dealbhachaidh dhan Chomhairle air an 18mh den Òg-Mhìos.

Tàire

Tha iad ag ràdh, ge-tà, gu bheil iad a' faighinn tàire.

Thuirt a' bhuidheann gun deach draghan a thogail mu staid an togalaich, ach nach eil iad fhèin air fianais idir fhaicinn a tha ag innse gum bu chòir a leagail, is iad ag ràdh gu bheil an togalach fhathast ga chur gu feum an-dràsta mar phàirt den sgoil.

Chuir iad an aghaidh dhraghan cuideachd mun rathad chun an togalaich, is iad ag ràdh gun robh an rathad seo ga chleachdadh 'son iomadh bliadhna.

Gheall iad soidhnichean ùra a chur suas, is iad ag ràdh gu bheil aithisg-einnsinnìridh aca a tha ag ràdh gu bheil an rathad sàbhailte.

Thuirt a' bhuidheann cuideachd gun deach ceist a thogail mu ghoireas poblach a bhith ga stèidheachadh ri taobh na sgoile.

Thuirt iad gu bheil goireasan poblach ann an sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar mar thà.

"Bristeadh-dùil"

"Tha e na bhristeadh-dùil dhuinn gu bheil cnapan-starra air a dhol san rathad air oidhirp gus ath-nuadhachadh a thoirt air Ceann a Deas na Hearadh - àite far nach deach cus airgid a chosg anns na bliadhnaichean mu dheireadh - cnapan-starra a thàinig bho phàirtean den ùghdarras ionadail againn fhèin", thuirt cathraiche na buidhe-stiùiridh, Aonghas MacLeòid.

"Tha sinn air gach ceist a bh' ann a fhreagairt, is tha sinn a-nise ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar cead a thoirt dhan iarrtas-dealbhachaidh againn gun dàil", thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid gun cuireadh sin spionnadh às ùr san àite.

Thug e taing cuideachd dha coimhairlichean a tha air taic a chur ri planaichean na buidhne-stiùiridh

Thuirt fear-labhairt bhon Chomhairle gum beachdaich comhairlichean air a' chùis an ath-sheachdain, nuair a thèid aithisg mu dheidhinn mun coinneimh.

Thuirt e gun tig iad gu co-dhùnadh às dèidh sin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh