Coinneamh croitearachd an Holyrood

Pàrlamaid na h-Alba Image copyright Paul Buckingham/Geograph

Coinnichidh Buidheann Thar-Phàrtaidh Croitearachd Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain, is barrachd cuideim ga chur air an Riaghaltas dèiligeadh leis a' bhuaireadh a tha a' cuairteachadh Choimisean na Croitearachd.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba air sgrìobhadh gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, is iad mì-thoilichte gu bheil constabal ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas fhathast na dhreuchd, is nach eil e a' gabhail ris gun deach comataidh ùr a thaghadh.

Chuir an Coimisean às do chomataidh ionaltraidh a' bhaile o chionn còig mìosan, agus ceist ann mu mar a bha cùisean air a bhith air an ruith.

Chuir iad consatabal an àite na comataidh, ach thaghadh croitearan a' bhaile comataidh ionaltraidh ùr, agus iad a' cur ceist ann an seasamh laghail a' chonstabail, agus mun obair a bu chòir dha a bhith a' dèanamh.

Tha dùil gun tèid bruidhinn aig a' choinneimh oidhche Chiadain, am measg rudan eile, mu Aithisg Shucksmith, a chaidh fhoillseachadh o chionn seachd bliadhna.

Bidh an t-Àrd-Oll. Shucksmith an làthair aig a' choinneimh.

B' e aon de na molaidhean a nochd san aithisg aige, agus nach deach a chur an lùib Achd ùr na Croitearachd, gun deadh cur às do Choimisean na Croitearachd, le caidreachas de bhùird ionadail croitearachd a' dol na àite.

Thuirt Coimisean na Croitearachd nach robh iad airson càil a ràdh mu Chol Uarach ri linn 's gun robh a' chùis fo cheist laghail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo