Seirbheis rèile ga leudachadh

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Abellio Scotrail, a' chompanaidh an urra ri seirbheisean-rèile na dùthcha gu bheil iad am beachd seirbheisean gach leth-uair de thìde a thòiseachadh eadar Inbhir Nis agus Obair Dheathain bhon Dùbhlachd 2019.

Dhearbh manaidsear na companaidh, Phil Vester, an naidheachd 's e a' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba madainn Diciadain.

Thuirt e gu bheil iad cuideachd airson barrachd shuidheachan a chur air na trèanaichean san àm ri teachd.