Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Chaidh ceathrar luchd-obrach aig buidheann mheidigeach Fhrangach a mharbhadh ann an ionnsaigh eile bhon adhar faisg air Aleppo ann an Siria sa mhadainn an-diugh. Chaidh còrr 's 20 sìobhaltach a mharbhadh ann an ionnsaigh air conbhoigh cobhair ann an Siria Diluain agus tha na Stàitean Aonaichte a' coireachadh na Ruis airson sin, ged a tha an Ruis a' dol às aicheadh gu làidir.

An Stàit Ioslamach

Tha buidheann de Bhuill-Phàrlamaid ann an Westminster ag ràdh nach cuir cumhachd airm a-mhàin às do bhuaidh na Stàit Ioslamaich ann an Siria agus Iorac. Tha Comataidh Thaghte an Dìon ann an Taigh nan Cumantan ag ràdh nach dèan na buidhnean sin ach èirigh a-rithist mura bi atharrachadh poilitigeach ann.

Am Pàrtaidh Làbarach

Bidh tuilleadh chumhachdan aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba agus a' Chomataidh Riaghlaidh Nàiseanta, an NEC, a' toirt smachd dhaibh air rudan mar phoileasaidh, roinnean pàrlamaid agus taghadh nan tagraichean airson Westminster.

Agus tha a' bhòtadh a' dùnadh aig meadhan-là an-diugh ann an taghadh a' cheannaird ùir. Thèid bùil na bhòta eadar Jeremy Corbyn agus Owen Mac a' Ghobhainn ainmeachadh Disathairne.

RBS

Tharraing Santander a-mach à còmhraidhean airson còrr 's 300 de mheòir Bhanca Rìoghail na h-Alba a cheannach. Feumaidh RBS, a bhuineas ann am pàirt dhan Stàit, stòras a reic ro dheireadh na bliadhna fo riaghailtean Eòrpach mar phàirt den chùmhnant fon do rinn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cobhair air a' bhanca bho chionn ochd bliadhna.

Croitearachd

Tha Buidheann Thar-Phàrtaidh na Croitearachd ann am Pàrlamaid na h-Alba a' coinneachadh a-nochd agus tuilleadh cuideim orra mu bhuaireadh Choimisean na Croitearachd. Sgrìobh Caidreachas Croitearachd na h-Alba gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, 's iad a' gearan gu bheil constabal ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas fhathast anns an dreuchd sin agus gu bheil e a' diùltadh gabhail ris a' chomataidh ùir a chaidh a thaghadh bho chionn ghoirid.

Dachannan-cùraim

Tha dragh ann an Uibhist nach eil a-nis ach aon leabaidh ann an dachannan-cùraim na sgìre a leigeas le teaghlaichean fois fhaighinn airson ùine ghoirid bho choimhead às dèidh cuideigin san teaghlach a tha suas ann am bliadhnaichean air neo ciorramach. Agus tha ceistean ann cuideachd mu cho beag fiosrachaidh 's a fhuair an sluagh mun atharrachadh sin.

Clàr-ola

Tha an soitheach OHT Hawk anns an Loch a Tuath ann an Leòdhas agus i ag ullachadh airson a' chlàir-ola Transocean Winner a thoirt leatha gu ruige an Tuirc far an tèid an clàr a bhristeadh às a chèile. Tha an sgioba ag ràdh gum feum iad là gu leth de dheagh shìde air a' char as giorra, 's iad an dòchas gum bi cothrom aca an clàr a ghluasad air an deireadh-sheachdain.