Ath-sgrùdadh air Coimisean na Croitearachd

Caoraich

Dh'iarr Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, air Coimisean na Croitearachd an t-seasamh aca atharrachadh a thaobh buaireadh nan comataidhean ionaltraidh.

Aig coinneimh sa Phàrlamaid oidhche Chiadain, chaidh innse dha na coimiseanairean gum bu chòir dhaibh leisgeul a thabhainn air croitearan, agus chaidh innse gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air dòighean-obrach a' Choimisein.

B' e seo a' chiad choinneamh eadar Mgr Ewing agus na coimiseanairean.

Thathas a' tuigsinn gun deach innse dhaibh gum bu chòir dhaibh an t-seasamh aca air buaireadh nan comataidhean ionaltraidh atharrachadh agus gur e an dòigh as fheàrr air adhart maitheanas iarraidh gu poblach air na croitearan airson a' chron a tha iad air adhbhrachadh.

Cuideachd aig a choinneimh, thàinig moladh bho Àrd-Oifigear a' Choimisein, Catriona NicIllEathain - nach robh an làthair - gum bu chòir conastabal ionaltraidh Chuil Uaraich a dhreuchd fhàgail, an aithisg aige a chur air beulaibh a' Choimisein, agus cothrom a thoirt do na croitearan cùisean sa bhaile a ghabhail os làimh iad fhèin.

"Feumaidh sin a thighinn chun a' Choimisein an ath-sheachdain, agus 's mathaid an t-seachdain às dèidh sin," thuirt Coimiseanair nan Eilean Siar, Murchadh MacillInnein, a bh' aig a' choinneimh.

"Tha dà thaobh aig an sgeulachd seo. Tha feadhainn nach eil rèidh leis a h-uile càil a thachair, 's tha feadhainn eile a' cantainn an taobh eile.

"Feumaidh an Coimisean na daoine sin a thoirt còmhla ri chèile airson nam bliadhnaichean ri tighinn, agus ma gheibh sinn air sin a dhèanamh, 's e sin as fheàrr dhuinne, agus 's e as fheàrr dhan choimhearsnachd.

"Feumaidh an Coimisean agus a' choimhearsnachd leasan a ghabhail bhon a seo, agus faicinn nach tachair e a-rithist tha sinn an dòchas."