Iomairt lagha mu ola Chrombaigh

  • Air fhoillseachadh
Beul Linne ChrombaighTùs an deilbh, Angela NicIllEathain

Tha buidheann choimhearsnachd san Eilean Dubh a' bagairt a dhol gu lagh gus stad a chur air planaichean cead a thoirt seachad airson ola a bhith air a chur eadar soithichean aig muir.

Tha Ùghdarras Port Chrombaigh an-dràsta a' cumail co-chomhairle air na planaichean, fo an deadh na milleanan tunnaichean de dh'ola amh a chur eadar soithichean gach bliadhna.

Ach tha a' bhuidheann Cromarty Rising air iarraidh air companaidh lagha ann an Lunnainn ath-sgrùdadh a dhèanamh air an fhianais a tha iad air cruinneachadh an aghaidh an iarrtais.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil na planaichean a' dol an aghaidh stiùireadh àrainneachail Eòrpaich.

Chuir iad litir gu Rùnaire na Còmhdhail ann an Westminster, Chris Grayling BP, a' mìneachadh nan adhbharan aca cur an aghaidh nam planaichean.