Bannan ga chraoladh thall-thairis

Bannan
Image caption Tha an dràma air a chlàradh san Eilean Sgitheanach

Tha an dràma Gàidhlig Bannan gu bhith a' ruighinn air luchd-amhairc eadar-nàiseanta tro chùmhnant-sgaolaidh ùr.

Chaidh aonta a dhèanamh leis a' chompanaidh DRG airson an dràma, a th' air a chraoladh air BBC ALBA, a sgaoileadh gu dùthchannan eile.

'S ann anns an Eilean Sgitheanach a tha an dràma air a chlàradh, leis a' chompanaidh Young Films.

Buaidh eaconamach

Thàinig an naidheachd air an dearbh là 's a dh'fhoillsich MG ALBA, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann leis a' BhBC, fiosrachadh ùr mu bhuaidh eaconamaich chraoladh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Sheall rannsachadh bhon bhuidhinn Olsberg SPI gu bheil MG ALBA a' maoineachadh co-ionnan ri 114.4 dreuchd làn-ùine - 's gu bheil buannachdan ann gu h-araidh dhan na h-Eileanan Siar agus dhan Eilean Sgitheanach.

Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, gur e adhartas mòr a bh' anns a' chùmhnant-sgaoilidh ùr.

"Tha sgeulachd Bannan na phàirt de dh'fhàs BBC ALBA agus tha an t-aonta-sgaoilidh seo na phrìomh cheum ann an leasachadh na seanail."

"Bha e cudromach gun tug BBC ALBA aire do dhràma gus ar prìomh luchd-amhairc Gàidhlig a fhrithealadh ach dh'fheumadh an dràma - agus an t-seanail - cuideachd dèanamh cinnteach gum b' urrainn dhuinn cur ri roinn chruthachail na h-Alba".

Bidh an t-aonta ùr cuideachd a' gabhail a-steach phrògraman eile a thèid a dhèanamh le Young Films.

Thuirt Chris Young, riochdaire Bannan, gun robh iad ag amas air dràma a dhèanamh a fhreagradh air luchd-amhairc taobh a-staigh agus taobh a-muigh na h-Alba.

"Nuair a thòisich sinn a' riochdachadh Bannan, bha sinn soilleir gum bu chòir don dràma a bhith tarraingeach chan ann a-mhàin do luchd-amhairc Gàidhlig agus Albannach ach gum biodh sgeulachdan ann a bhiodh freagarrach thar-chrìochan."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile