Fear-coiseachd air a bheatha a chall am Muile

  • Air fhoillseachadh

Chaochail duine a bha a-muigh a' coiseachd ann am Muile Diciadain.

Bha an duine, 73, a' coiseachd faisg air Peighinn a' Ghàidheil aig an àm.

Bha Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh is heileacoptair-eiridinn an làthair.

Chan eil an còrr fiosrachaidh ann aig an ìre seo.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh