Seirbheis adhair Dihaoine eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla

Plèana
Image caption Tillidh an t-seirbheis air an 21mh den Dàmhair

Dhearbh a' chompanaidh Loganair gun tìll seirbheis adhair Dihaoine eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla.

Tha seo às dèidh dhan a' chompanaidh aonta a ruighinn le Comhairle nan Eilean Siar.

Tòisichidh an t-seirbheis a-rithist air an 21mh den Dàmhair agus mairidh i gu deireadh a' Mhàirt 2017 nuair a thig crìoch air a' chùmhnant PSO a tha aig Loganair an-dràsta.

Deagh naidheachd

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air clàr-ama a chruthachadh a tha iad an dùil a bhitheas na bhuannachd dha luchd-gnìomhachais, luchd-turais agus do dhaoine a tha frithealadh ospadalan.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig CNES, Iain MacAoidh gur e naidheachd mhath a bha seo dha Uibhist agus dha na h-Eileanan an Iar air fad.

"Tha mi toilichte gun robh e comasach dhan a' Chomhairle an t-seirbheis seo a thilleadh gu ceithir latha 'san t-seachdain.

"Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair le Loganair son maith nan coimhearsnachdan air feadh nan eilean," thuirt e.

Cùmhnant PSO

Tha Loganair a' ruith na seirbheis fo chùmhnant PSO suas chun a' Mhàirt an ath-bhliadhna, agus bidh a' Chomhairle a' sireadh thagraidhean a' dh'aithghearr son na seirbheis a' ruith fad ceithir bliadhna bhon a' Ghiblean 2017.

Bho chionn ghoirid tha CNES air co-chomhairle a chumail air seirbheisean adhair agus thèid an rannsachadh seo a chleachdadh son an cùmhnant ùr a chur an cèill.

Tha e na phàirt dhen amas aig a' Chomhairle seirbheis còig latha eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla a thilleadh, taobh a-staigh a' bhuidseit.

Faodar tiocaidean a cheannach airson na seirbheis ùr bhon an 22mh den t-Sultain.