Seirbheis Bheinn nam Fadhla ga leudachadh

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair Bheinn nam Fadhla

Tòisichidh seirbheis adhair Dihaoine às ùr eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla bhon ath-mhìos.

Tha an t-aonta eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Loganair a' ciallachadh gum bi an t-seirbheis a-nis a' ruith ceithir là san t-seachdain, suas bho thrì.

Chaidh na seirbheisean adhair eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla gach Diluain agus Dihaoine a ghearradh o chionn dà bhliadhna.

A-niste, tòisichidh seirbheis Dhihaoine a-rithist air an 21mh là den ath-mhìos agus mairidh i gus an tig an cùmhnant PSO a th' aig Loganair an-dràsta gu crìch sa Mhàrt 2017.

Tha iad air clàr-ama a chruthachadh a tha iad ag ràdh a bhios na chuideachadh do luchd-gnothachais, luchd-turais agus do dhaoine a tha a' frithealadh ospadalan.

Thuirt Caithriche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gur e naidheachd mhath a th' ann do dh'Uibhist agus dha na h-Eileanan an Iar.

Thuirt e gu bheil iad a' coimhead air adhart ri bhith a' leantainn orra ag obair còmhla ri Loganair a chùm maith choimearsnachdan nan eilean.

Tha a' Chomhairle fhathast a' miannachadh seirbheis còig là eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla a thilleadh, taobh a-staigh a' bhuidseit.