Riochdaire Chal Mac Eileanach ga iarraidh

Bàt-aiseig Image copyright Undiscovered Scotland

Tha fear de chomhairlichean Uibhist ag iarraidh air Caledonian Mac a' Bhriuthainn cudeigin a stèidheachadh anns na h-eileanan a bhios a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh nuair a thèid seirbheisean aiseig a chur dheth.

Cha do sheòl an t-aiseag eadar Malaig agus Loch Baghasdail feasgar Diciadain, agus an droch shìde ga coireachadh, a' fàgail dhaoine gun chothrom slighe eile a ghabhail a dh'Uibhist.

Tha Raghnall MacFhionghain ag ràdh gum bu chòir cuideigin a bhith stèidhichte anns na h-Eileanan Siar gus ceistean an luchd-siubhail a fhreagairt.

"Tha oifisean aca ann an Guraig 's tha iad loma-làn dhaoine," thuirt Mgr MacFhionghain.

"Tha còir aig cuideigin aca a bhith air an cur a-mach dha na h-eileanan ann an seo.

"Tha còir aig oifis a bhith aca ann an seo.

"'S e sinne a bu chòir na seirbheisean sin fhaighinn.

"Tha còir aca daoine a chur a-mach ann an seo los gun deargadh na daoine bochda a tha a' faighneachd cheistean, gum faigheadh iad freagairt dhòigheil.

"'S tha còir aig na sgiobannan bruidhinn ris na daoine sin agus leigeil fhaicinn dè tha iad a' dol a dhèanamh," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho Chal Mac gun robh an sgiobair den bheachd gun robh an t-sìde nas miosa na bhathas an dùil air an t-slighe a-null a Mhalaig agus chaidh co-dhùnadh nach biodh e air a bhith ciallach tilleadh.

Chaidh seo innse do luchd-siubhail a bha clàraichte cho luath 's gun deach co-dhùnadh nach robh am bàta gu bhith a' tilleadh a Loch Baghasdail.