Caideat glacte "dòchasach"

Ruairidh Hanna
Image caption Tha Ruairidh Hanna glacte air bòrd an t-soithich le triùir chaideatan eile à Colaiste Ghlaschu.

Tha caideat mara bhon Ghàidhealtachd a tha glaicte air bòrd soithich ann am Muir Shìona a Deas ag ràdh gu bheil e a' cumail dòchasach.

Cha leig port sam bith leis an t-soitheach a thighinn a steach, agus a' chompanaidh leis a bheil i a' dol ann an rianachd.

Tha Ruairidh Hanna, 22, a bhuineas don Mhanachainn, air a bhith ag obair, còmhla ri triùir Albannach eile, air bòrd an t-soithich, a tha leis a' chompanaidh Hanjin, ann am Muir Shìona a Deas o chionn trì mìosan.

Tha a' chompanaidh a-niste air iarraidh a dhol banca-briste, agus chan eil port sam bith a' leigeil leis na soithichean aca docadh.

"Nam biodh cothrom sam bith dhuinn faighinn gu tìr, ghabhamaid uile e, dìreach air sgàth 's nach eil fhios againn dè cho fada 's a bhios sinn an seo," thuirt e, 's e a' bruidhinn ris a' BhBC.

"Chan eil clàr-gnothaich airson docadh, chan eil cothrom sam bith den leithid sin air fàire, agus gun teagamh sam bith, nan tigeadh an cothrom, nam biodh an Riaghaltas an urrainn a dhol an sàs dòigh air choireigin, gun teagamh ghabhamaid an cothrom.

"Tha sinn a' feuchainn ri chumail dòchasach. Tha sinn a' gabhail gach là mar a thig e."

Tha dragh san sgìre far a bheil i an-dràsta, faisg air Singapore, mu spùineadairean.

Thuirt Riaghaltas Bhreatainn gu bheil iad deiseil taic chunsulach a thoirt do Bhreatannaich sam bith air a bheil Hanjin a bhith a' dol banca-briste a' toirt buaidh.