Crodh Gàidhealach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leisgeul Riaghaltais ga iarraidh

23 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha croitear a th' aig teis meadhain a' bhuairidh eadar Coimisean na Croitearachd agus comataidh ionaltraidh ann an Leòdhas ag ràdh nach eil e gu leòr an Coimisean a bhith ag iarraidh maitheanais bho na croitearan.

Thuirt clàrc Chuil Uaraich, Coinneach Dòmhnallach, gum feum an Riaghaltas leisgeul a thoirt seachad cuideachd.

Thàinig e am follais gun tuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fergus Ewing, ri coimiseanairean ann an coinneimh phriobhaidich ann an Holyrood gum bu chòir dhaibh leisgeul a thabhann do chroitearan.

Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.