mneTV a' sguir de dh'obair Ghàidhlig

mneTV Image copyright mneTV

Dh'innis a' chompanaidh chraolaidh mneTV nach bidh iad an sàs tuilleadh ann am prògraman Gàidhlig an dèidh don chùmhnant a th' aca an-dràsta le MG ALBA tighinn gu crìch san Ògmhìos 2017.

Tha a' chompanaidh air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a' dèanamh phrògraman do BhBC ALBA bho chaidh an t-sianal a chur air bhonn ann an 2008, gu h-àraid a thaobh spòrs.

"Tha sinn air leth moiteil às na chuir sinn ri leasachadh cultair agus cànain na Gàidhlig bho stèidhicheadh a' chompanaidh ann a 1989," thuirt Àrd-Stiùiriche na companaidh, Ailean Dòmhnallach.

"Bhon uair sin, tha sinn air còrr math 's ceud pròiseact a choileanadh, gu leòr aca leantainneach, agus sinn air mu £40m de dh'in-ionmhas a bhuanachadh do phrògraman Gàidhlig a chùm buanachd coimhearsnachd na Gàidhlig, agus roinn nan sgilean cruthachail air feadh na h-Alba.

"Tha sinn air a bhith aig cridhe phrògraman BhBC ALBA bho thòisich an t-sianal.

"Tha sin air a bhith soirbheachail thar gach dùil, agus iad a-niste a' beachdachadh air dùbhlain agus cothroman san àm ri teachd, gu h-àraid ann a bhith a' toirt taic don ùidh mhòir a tha an òigridh air nochdadh anns a' Ghàidhlig.

"Rinn stiùirichean na companaidh againn co-dhùnadh coimearsalta gur e seo an t-àm ceart dhuinn aig mneTV seasamh an dàrna taobh gus rùm a dhèanamh airson tàlant ùr chruthachail agus gnothachais a thighinn air adhart anns an roinn neo-eisimeilich dèiligeadh ris na dùbhlain sin gu dàna ann an àrainneachd ioma-mheadhanaich a tha a' sìor atharrachadh."

Tha 17 luchd-obrach aig a' chompanaidh mneTV, agus bidh iad a' fasdadh luchd-obrach a tha a' cosnadh air an ceann fhèin cuideachd.