Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùiltearachd

Tha figearan air an d' fhuair am BBC sealbh ag ràdh gun deach còrr 's 100 duine-cloinne a thoirt a-staigh a dh'Alba le cùiltearachd anns na sia bliadhna mu dheireadh agus gum buineadh mu leth dhiubh sin do Vietnam. Chaidh mu 25 duine dhiubh a chur a dh'obair air tuathanas chanaib agus mu 25 duine eile gu gnìomhachas na feise. Ach tha co-dhiù seachdnar dhiubh air a dhol à sealladh gu lèir.

Siria

Tha ionnsaigh mhòr a' dol air adhart air sgìrean de bhaile Aleppo ann an Siria anns a bheil na reubaltaich agus Riaghaltas Shiria ag ràdh gur e seo toiseach oidhirp às ùr air smachd a ghabhail air a' bhaile gu lèir. Sgaoil coinneamh ann an New York a-raoir gun aonta airson fois-fòirneirt a stèidheachadh às ùr ann an Siria.

Dùn Èideann

Tha sgìrean de Dhùn Èideann às aonais seirbheis an uisge no le seirbheis nach eil aig ìre cheart an dèidh dhan phrìomh phìob bristeadh ann an sgìre Liberton. Thuirt Uisge na Alba gu bheil sin a' toirt buaidh air meadhan a' bhaile, an Seann Bhaile, Canongate, Liberton agus Prestonfield.

Seirbheis Adhair

Chuir fear de chomhairlichean Bharraigh agus Uibhist fàilte air seirbheis adhair a bhios a' ruith a-rithist eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh a h-uile Dihaoine. Bidh ceangal ann cuideachd eadar Beinn na Faoghla agus Inbhir Nis. Ach thuirt an Comhairliche Dòmhnall Manford nach eil an sin ach a' chiad cheum agus gu bheil tuilleadh a dhìth airson seirbheis cheart a stèidheachadh dha na h-Eileanan mu Dheas.

CalMac

Tha fear de chomhairlichean Uibhist ag iarraidh air Caledonian Mac a' Bhriuthainn cuideigin a stèidheachadh anns na h-eileanan ann an dreuchd a bhios a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh nuair a thèid seirbheisean aiseig a chur dheth. Cha do sheòl an t-aiseag eadar Malaig agus Loch Baghasdail feasgar Diciadain agus tha an Comhairliche Raghnall MacFhionghain ag ràdh gun deach luchd-siubhail fhàgail gun fhiosrachadh ceart. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deach innse do luchd-siubhail a bha clàraichte aca cho luath 's a chaidh co-dhùnadh nach biodh am bàta a' seòladh à Malaig.

Croitearachd

Thuirt clàrc na comataidh ionaltraidh ùire ann an Col Uarach ann an Leòdhas gu bheil an t-àm aig an Riaghaltas dèiligeadh gu ceart ris a' bhuaireadh eadar iad agus Coimisean na Croitearachd. Thuirt Coinneach Dòmhnallach nach eil e gu leòr dhan Choimisean leisgeil iarraidh, agus thuirt e gum bu chòir do Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, sin a dhèanamh cuideachd ann am Pàrlamaid na h-Alba às leth an Riaghaltais.

Sports Direct

Dh'fhàg Àrd-Oifigeach Sports Direct, Dave Forsey, a dhreuchd agus thèid Mike Ashley, dham buin a' chompanaidh, na àite. Chan eil e follaiseach carson a dh'fhalbh Mgr Forsey ach tha càineadh air a bhith ann air modhan-obrach agus na bha iad a' pàigheadh do luchd-obrach aig stòr mòr na buidhne ann an Derbyshire.