Ionad Chalanais ga leasachadh

Tùrsachan Chalanais
Image caption Tha Tursachan Chalanais a' tàladh nam mìltean luchd-turais a h-uile bliadhna

Tha dòchas gun togar an t-airgead airson Ionad-tadhail Tùrsachan Chalanais a leasachadh ro mheadhan na h-ath-bhliadhna.

Chaidh an t-ionad, air taobh siar Eilean Leòdhais, fhosgladh bho chionn fichead bliadhna, 's a tha an àireamh dhaoine a tha a' dol ann gach bliadhna air èirigh gu mòr thar nam bliadhnaichean.

Tha iad a-nis air planaichean a chur ri chèile airson an t-àite a leasachadh.

Bidh an t-àite comasach air barrachd dhaoine a ghabhail agus thèid an cidsin a dhèanamh nas motha.

Tha iad cuideachd airson na goireasan eadar-theangachaidh aca a leasachadh.

Thuirt manaidsear an ionaid, Aonghas MacCoinnich, gun robh e misneachail gum faigheadh iad an t-airgead 's na Tursachan gam meas mar làrach air leth cudromach dhan eilean.

Tha iad air cuideachadh mòr fhaighinn, thuirt e, bho Chomhairle nan Eilean Siar agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha iad an dòchas an t-airgead air fad a chruinneachadh ron Chèitean an ath-bhliadhna, 's an obair a bhith deiseil taobh a-staigh dà bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile