Daibhearan a' sgrùdadh an MV Hebrides
- Air fhoillseachadh
Mòrag Anna NicLeòid a' bruidhinn mu mar a chaidh an MV Hebrides air na creagan ann an Loch nam Madadh.
Tha sgioba daibhearan air a bhith dèanamh sgrùdadh air slige an MV Hebrides as deidh dhan a' bhàta a dhol air na creagan aig cidhe Loch nam Madadh Didòmhnaich.
Aig 11:05m Didòmhnaich cha tàinig aig an soitheach air astar a leigeil dhith nuair a bha i a' tighinn a-steach a Loch nam Madadh, an dèidh faileachadh teicnigeach, a rèir Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.
Bhuail i ann am pontùin sa chala, agus an uair sin chaidh i air na creagan.
Sàbhailteachd
Rinn an criutha an gnothach air a ceangal gu sàbhailte ris a' chidhe, s' cha deach duine dhen a 76 de chriutha agus luchd-siubhail a bha air bòrd, a ghoirteachadh.
Chaidh seòlaidhan air an t-seirbheis eadar Ùige, Loch nam Madaidh agus an Tairbeart a chur dheth son an còrr dhen an latha Didòmhnaich agus Diluain agus dhearbh Caledonian Mac a' Bhruthain nach bi gin ann Dimàirt a bharrachd.
Clàr-ama
Chur iad seirbheisean a bharrachd air an t-slighe eadar Loch Baghasdal is Mallaig agus eadar Bearnaraidh agus an t-Òb agus bidh iad sin an sàs Dimàirt cuideachd.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad ag obair le Marina Loch nam Madadh aig a bheil na pontùinichean, a thaobh an damaist a chaidh a dhèanamh orra.
Le droch thìde air fàire son am-màireach, mhol iad dha luchd-siubhail sùil a' chumail air an làrach linn aca son an fhiosrachadh as ùire.