Nighean air a leagail le càr
- Published
image copyrightGoogle
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh do nighinn, 15, a bhith air a leagail le càr ann an Inbhir Nis.
Bha i a' coiseachd air Slighe Sir Walter Scott nuair a thachair an tubaist le Volvo mu 11:00f oidhche Haoine.
Thuirt na Poilis gun deach a droch ghoirteachadh agus gun deach a toirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Tha na Poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic na thachair.