Caisteal Chàrbasdail air a reic

  • Air fhoillseachadh
Caisteal ChàrbasdailTùs an deilbh, Sotheby's

Chaidh seann ostal òigridh ann an Cataibh a reic ri companaidh ionmhais ann an Lunnainn, is iad ag ràdh gu bheil iad a' dol a dhèanamh taigh phrìobhaidich dheth.

Tha Caisteal Chàrbasdail air a bhith dùinte grunn bhliadhnaichean às dèidh do dhroch shìde milleadh a dhèanamh air.

Chaidh an caisteal, faisg air Àird Ghaoithe, a thogail ann an 1907, agus e na dhachaigh dha Ban-Diuc Chataibh, a chaidh a-mach air teaghlach an duine aice às dèidh dha bàsachadh, le cuid a' gabhail Caisteal a' Mhì-rùin air.

Chaidh e na ostal òigridh air am biodh na mìltean a' tadhal gach bliadhna, is thuirt Comman nan Ostalan Òigridh gun robh iad troimh-chèile nuair a thàinig orra a reic, is droch shìde air milleadh a dhèanamh air.

Bha plana ann roimhe taigh-òsta a chur ann.

A-nise tha companaidh ionmhais à Lunnainn, Buidheann FCFM, air a cheannach.

Cha chanadh iad ach gu bheil iad airson an togalach a chur air ais mar a bha e, is gur e taigh prìobhaideach spaideil a bhios ann air a' cheann thall.