Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàt'-aiseig

Tha daibhearan a' sgrùdadh slige a' bhàt'-aiseig an Hebrides a bhuail ann am pontùin agus a shuath cuideachd air a' ghrunnd aig Cala Loch nam Madadh anns a' mhadainn an-dè. Bha 76 duine air bòrd ach cha deach duine a ghoirteachadh. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil slige an t-soithich slàn 's gur e fàilligeadh teicnigeach a bu chòireach nach b' urrainn dhan bhàta stad mus do ruig i an cidhe.

Na Làbaraich

Dh'fhàillig oidhirp air stad a chur air Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Kezia Dugdale, bho bhith a' cur riochdaire air buidheann riaghlaidh nàiseanta na pàrtaidh, an NEC. Tha aithrisean ann gun deach feuchainn anns a' mhadainn an-diugh ris an earrann sin a thoirt a-mach à plana a bheireadh tuilleadh chumhachdan dha na ceannardan agus pàrtaidhean Albannach agus Cuimreach. Tha làn dùil gun gabh an NEC ris a' phlana sin a-màireach.

Ben Needham

Thuirt poilis a tha a' rannsachadh cùis Ben Needham gu bheil iad gu math dòchasach gun tig fiosrachadh às ùr bho chladhach air an do thòisich iad anns a' Ghrèig an-diugh. Cha robh Ben, a bhuineadh do Sheffield, ach bliadhna gu leth de dh'aois nuair a chaidh e a dhìth air Eilean Kos ann an 1991. Tha poilis a' cladhach air tuathanas ann an Kos 's iad den bheachd gur dòcha gun deach an leanabh a phronnadh gun fhiosta fo bulldozer air làrach togail faisg air far an deach fhaicinn mu dheireadh.

Calais

Thuirt Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, gum bu chòir campa nam fògarrach ann an ceann a tuath na Frainge, ris an canar 'The Jungle', a leagail gu làr. Thuirt Mgr Hollande, a bha ann an Calais a' bruidhinn ri ceannardan a' phuirt sin agus ri luchd-poilitigs na sgìre, gum feum Breatainn barrachd a dhèanamh mu choinneimh èiginn nam fògarrach.

Sgìre Ghlèidhte

Tha dragh ann gun caill gnìomhachas an iasgaich tuilleadh chosnaidhean ma thèid sgìre ghlèidhte air adhart an iar air na h-Eileanan an Iar, eadar Barraigh agus ceann a tuath na Hearadh. Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gun deach seachd chosnaidhean a chall mar thà le sgìre MPA timhcheall air Eilean Mhiughlaigh.

Buidheann Ùr

Thèid buidheann ùr a chur air bhonn anns na h-Eileanan an Iar an t-seachdain seo do dh'fheadhainn air a bheil tinneasan mar Parkinson's, ME agus MS. Bheir a' bhuidheann taic do dhaoine a tha a' fulang ach cuideachd dhan càirdean agus an luchd-cùraim. Bidh a' chiad choinneamh ann a-màireach eadar 13:30f agus 16:30f aig Ionad Ghrianain ann an Steòrnabhagh.